Sianar a' dràibheadh fon dibhe

Dràibheadh fo bhuaidh na dibhe
Image caption Thuirt na poilis gu bheil na figearan na bhristeadh-dùil dhaibh.

Thuirt Poilis na h-Alba gun deach sianar a chur an greim air a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan aig an deireadh-sheachdain is iad a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe.

Chuir na poilis còignear fhireannach an greim - aon dhuibh anns na h-Eileanan an Iar - agus boireannach.

"'S e fìor bhristeadh-dùil a th' ann dhomh gu bheil na h-uidhir de dhaoine fhathast a' cur am beatha fhèin agus beatha dhaoine eile ann an cunnart le a bhith a' dràibheadh fhads a tha iad fo bhuaidh na dibhe", thuirt An t-Àrd Superintendent Julian Innes bho Phoilis na h-Alba .

"Tha sàbhailteachd air na rathaidean na phrìomh amas againn agus bu chòir fios a bhith aig daoine - ma tha iad a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe gun glac sinn iad.

"Chaidh cuid de na dràibhearan seo a ghlacadh air sgàth fiosrachadh bhon phoball.

"Canaidh mi ri daoine, ma tha fios aca gu bheil cuideigin a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe, gum bu chòir dhaibh fònadh dha na poils. Dh'fhadadh iad beatha a shàbhaladh", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile