Taic do thuath-gaoithe
- Air fhoillseachadh

Chuir Comhairle na Gàidhealtachd taic ri planaichean 'son tuath-gaoithe faisg air Cille Chuimein.
Bhiodh 67 crann san leasachadh aig a' chompanaidh SSE dìreach an ear air sgeama hydro Ghlinn Dotha.
'S e lùghdachadh a tha sin is SSE anns a' chiad dol a-mach airson 83 crann a thogail.
Bhiodh e comasach dhan phròiseict 300MW de chumhachd a chruthachadh air a' cheann thall.
Iomagain
Bha Urras Iain Muir am measg na bha a' cur an aghaidh nam planaichean is iomagain orra mun bhuaidh air àrraineachd ionadail na sgìre.
Thuirt an t-urras oidhche Luain gun robh co-dhùnadh na comhairle na bhristeadh-dùil mòr dhaibh, is dh'iarr iad air Riaghaltas na h-Alba rannsachadh poblach a stèidheachadh mun phròiseict.
Chaidh comhairlichean bho chomataidh dealbhachaidh a' chinn a deas dhan làraich madainn Diluain agus feasgar bhòt iad 'son taic a thoirt dha na planaichean.
Chuir iad cùmhnantan an cois a' ghnothaich ge-tà gus nach toir an leasachadh cus bhuaidh air rathaidean na sgìre, air neo na seallaidhean a muinntir an àite is luchd-turais a' faighinn.
Mar phàirt de na cùmhnantan sin, thig air luchd-leasachaidh cuideachd slighean ùra a dhèanamh do luchd-coiseachd is luchd-baidhsagal timcheall air Cille Chuimein.
Riaraichte
Thuirt an comhairliche Mairead Davidson gun robh i riaraichte leis a' cho-dhùnadh ach gu bheil deasbad nas fharsaing a dhìth air tuathan-gaoithe ann an Alba.
"Feumaidh sinn faighneachd a bheil tuathan-gaoithe gu leòr againn ann an Alba? A bheil gu leòr againn air a' Ghàidhealtachd?
"Feumaidh an deasbad sin a bhith againn gus am bi e nas soilleire dhuinn dè tha romhainn mar ùghdarras dealbhachaidh", thuirt i.
Bidh co-dhùnadh deireannach air tagradh SSE a-nise ann an làmhan Riaghaltas na h-Alba.