Rannsachadh air teine an Cataibh

Image copyright Rupert Fleetingly
Image caption Loidse Loch a' Choire.

Thòisich na poilis agus an t-seirbheis smàlaidh sgrùdadh às dèidh mar a chaidh taigh na theine ann an Cataibh.

Chaidh Loidse Loch a' Choire faisg air Ceann a' Bhràist a sgrios gu tur.

Thòisich an teine mu 8.00f Dihaoine.

Cha robh duine anns an togalach aig an àm.

Thuirt na poilis nach eil fios aca fhathast ciamar a chaidh an taigh na theine.

'S e oighreachd seilge a th' ann an Oighreachd Loch a' Choire is bhathar a' cur an loidse a-mach air màl le àite ann son dusan neach.