MV Loch Seaforth air an aiseig ùr

  • Air fhoillseachadh
Bàta ùrTùs an deilbh, CMAL
Fo-thiotal an deilbh,
Tha dùil gum bi an MV Loch Seaforth air an t-slighe eadar Ulapul is Steòrnabhagh an ath-bhliadhna.

'S e an MV Loch Seaforth an t-ainm a bhios air a' bhàt-aiseig ùr a bhios a' sèoladh eadar Ulapul is Steòrnabhagh.

Dhearbh a' chompanaidh CMAL gun do rinn MV Loch Seaforth a' chùis ann am farpais air an làraich-lìn aca.

Thuirt iad gun d'fhuair MV Loch Seaforth 40% den bhòt.

'S iad Callanish, Loch Ewe, Cape Wrath, is Loch Broom na roghainnean eile a bh' ann.

Eachdraidheil

'S e ainm eachdraidheil a tha seo oir bha bàta puist aig Mac a' Bruthainn fad iomadh bliadhna air an robh an t-ainm MV Loch Seaforth.

Bha i a' seòladh eadar Steòrnabhagh, Caol Loch Aillse is Malaig eadar 1947 agus 1972.

Chaidh i air na creagan mu dheireadh thall ann an 1973 nuair a bha i a' frithealadh air na h-Eileanan Beaga.

Tha dùil gum bi am bàta ùr deiseil sa Ghearan 2014 is gum bi i air an t-slighe eadar Ulapul is Steòrnabhagh anns an t-samhradh an ath-bhliadhna.

Bidh àite ann 'son 700 de luchd-siubhail, 143 càr is 20 carbad coimearsealta.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh