Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An Giblean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

A' Bhana-Mhorair Thatcher

Tha ullachadh a' dol air adhart airson tiodhlaigeadh na Bana-Mhorair Thatcher, a chaochail an-dè ann an Taigh-Òsda an Ritz ann an Lunnain. Bha i 87. Thèid làn urram armailt a thoirt dhan t-seann Phrìomhaire aig seirbheis an ath-sheachdain ann an cathair Eaglais an Naomh Pòl. Tha a caraidean agus a nàimhdean a' deasbàd a buaidh air Breatainn eadar 1979 agus 1990.

Chruinnich mu 300 duine a bha na h-aghaidh ann an Cearnag Sheòrais ann an Glaschu an-raoir, ged a dh'iarr comhairle a' bhaile air daoine gun a dhol ann. Thuirt poilis gun deach an tachartas air adhart gun àimhreit.

Serbia

Bha leanabh, dà bhliadhna de dh'aois, am measg trì duine deug a chaidh a mharbhadh nuair a chaidh losgadh orra le gunna ann am baile beag ann an Serbia. Tha poilis air duine a tha 60 bliadhna de dh'aois a chur an greim ann am baile Velika Ivanca a tha mu 30 mìle deas air a' phrìomh bhaile, Belgrade. Ghoirtich an duine e fhèin agus a bhean cuideachd. Chan eil e follaiseach fhathast dè thug air seo a dhèanamh.

Coiria

Thug Coiria a Tuath comhairle air daoine a dùthchannan eile Coiria a Deas fhàgail agus eus-aonta eadar an dà dhùthaich a' sìor fhàs. Thuirt an riaghaltas ann am Pyongyang gum biodh coigrich a' fuireach ann an Coiria a Deas ann an cunnart nan tòisicheadh cogadh.

Aiseag

Chaidh innse an-diugh gur e Loch Seaforth ainm a' bhàt-aiseig ùir a bhios a' seòladh eadar Steòrnabhagh agus Ulapul, an dèidh a cur air bhog sa Ghearran an ath-bhliadhna. Thuirt CMAL, dham boin bàtaichean aiseig Chaledonian Mhic a' Bhruthainn, gun d'fhuair an t-ainm sin 40% den bhòt ann am farpais a chuir iad air dòigh. B'e Loch Seaforth ainm a' bhàt-aiseig aig Mac a' Bhruthainn a bha a' seòladh eadar Malaig, an Caol agus Steòrnabhagh eadar 1947 agus 1972.

Teine

Tha na poilis agus an t-seirbheis smàlaidh a' sgrùdadh teine a rinn sgrios air loidse ann an sgìre aonranach de Chataibh. Chaidh Loidse Loch a' Choire a tha faisg air Ceann a' Bhràist a mhilleadh gu dona. Chaidh deach duine a ghoirteachadh, oir, bha an toglach falamh. Tha na poilis ag ràdh nach eil fhios aca fhathast ciamar a chaidh an taigh na theine.

Clò Hearach

Tha muileann Shiaboist, fo Chlò Mòr Innse Gall, air taisbeanaidhean a chumail ann an Canada agus anns na Stàitean Aonaichte agus iad a' feuchainn ri ath-bheòthachadh a thoirt air margaidean a bha uaireigin gu math cudromach dhan ghnìomhachas. Tha a' mhuileann gu math trang an-dràsta le òrdain à Iapan agus dùthchannan eile san àird an ear, agus tha iad airson ìomhaigh a' chlò a thogail cuideachd tro na meadhanan sòisealta