Companaidh chlò ag amas air seann mhargaidh

  • Air fhoillseachadh
Beairt
Fo-thiotal an deilbh,
Chleachd margaidh nan Stàitean Aonaichte agus Canada a bhith soirbheachail.

Tha a' chompanaidh Chlò Hearaich as motha a th'ann air taisbeanaidhean a chumail an Canada agus anns na Stàitean Aonaichte agus iad a' feuchainn ri ath-bheothachadh a thoirt air margaidhean a bha uaireigin fìor chudthromach dhan ghnìomhachas.

Airson còrr is 50 bliadhna se margaidh Ameireaga a Tuath an tè as soirbheachail a bh' ann dhan chlò, a tha air fhighe a-mhàin sna h-Eileanan an Iar.

Ach thàinig crìonadh sa ghnìomhachas sna h-ochdadan.

Tha Clò Mòr Innse Gall, aig a bheil muileann Shiaboist, trang an-dràsta le òrdughan à Iapan agus dùthchanan eile san àrd an ear.

Iarrtas

Tha sùil aig a' chompanaidh sna seann margaidhean, ge-ta.

Còmhla ri companaidh shanasachd eadar-nàiseanta, Leo Burnett, cleachdaidh iad na meadhanan sòisealta gus iomhaigh a' Chlò Hearaich a thoirt gu aire dhaoine.

Thuirt Stiùiriche Leasachadh Margaidhean na Muilne, Màiread NicLeòid, gu robh coltas ann gu robh iarrtas ann son a' chlò.

"Thachair diofar rudan sna h-ochdadan co-cheangailte ri in-mhalairt agus farpais a thaobh prìsean eadar na diofar muilnean nach robh cuideachail.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil an gnìomhachas a tha sin air tilleadh air ais bliadhna an dèidh bliadhna," thuirt Ms NicLeòid.

Stoidhle

Thuirt Àrd-oifigear Clò Hearach Innse Gall, Iain Aonghas MacCoinnich, gu robh a' chompanaidh dìreach air an t-òrdugh as motha fhaighinn às na Stàitean Aonaichte, bho chaidh a stèidheachadh ann an 2007.

"Tha slighe aig a' ghnìomhachas ri dhol fhathast.

"Mar as tric a tha dualchas, stoidhle agus inbhe a' Chlò Hearaich ga thoirt gu aire dhaoine 's ann as fheàrr, 's le sin tha sinn a' smaoineachadh gur e goireas fìor fheumail a dh'fhaodadh a bhith ann an seo," thuirt Mgr MacCoinnich.

Mar phàirt dhan iomairt shanasachd tha a' chompanaidh a' cleachdadh na làraich-lìn sòisealta, KILTR, stèidhichte ann an Glaschu.

Tha an dreach as ùra dhan làraich ga thaisbeanadh aig Seachdainn na h-Alba ann an New York.

Thèid fhoillseachadh ann an Alba an ath-mhìos.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh