Buille do dh'Inbhir Pheotharain

Air fhoillseachadh

Bidh eaconomaidh Inbhir Pheotharain a' fulang ri linn 's gu bheil cùirt a' bhaile a' dùnadh.

Sin am beachd aig fear de chomhairlichean an àite, a bha a' bruidhinn an dèidh do Sheirbheis Cùirt na h-Alba innse gun dùin a' chùirt ann an 2015, mar phàirt de ghearraidhean air feadh na dùthcha a chì Cùirt Dhòrnach a' falbh cuideachd.

Thuirt Alasdair MacFhionghuin gu bheil seirbheis eile ga toirt air falbh bho sgìre air an tuath.

Bha e cuideachd ag ràdh gum bi e mì-ghoireasach do dhaoine a dh'fheumas siubhal a dh'Inbhir Nis, agus gu bheil a' chùirt an Inbhir Pheotharain ann an deagh staid.

Tha Seirbheis Cùirt na h-Alba airson deich cùirtean siorraim a dhùnadh agus seachd cùirtean maoir cheartais, is iad ag ràdh gun tuit am buidseat 20% ro 2015.