Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An Giblean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Taigh nam Morairean

Tha comataidh ann an Taigh nam Morairean ag ràdh gu bheil sluagh na h-Alba aineolach mun bhuaidh eaconomach nam b'e agus gum bhòtadh iad airson neo-eisimeileachd anns an referendum an ath-bhliadhna. Tha Comataidh nan Cùisean Eaconomach ag ràdh gum feum Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus Riaghaltas na h-Alba fiosrachadh mionaideach a thoirt seachad air dè bhiodh neo-eisimeileachd a' ciallachadh ann an seadh practaigeach. Thuirt Rùnaire Ionmhais na h-Alba, Iain Swinney, nach eil e na iognadh gu bheil comataidh de mhorairean, nach deach an taghadh agus aig nach eil grèim air na tha a' tachairt, a' smaoineachadh gur e dùthaich bheag, bhochd a th' annn an Alba.

NATO

Thuirt NATO gur dòcha gum feumadh Alba neo-eisimeileach ballrachd iarraidh às ùr anns a' bhuidhinn sin. Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, gu bheil esan cinnteach gun gabh NATO ri ballrachd do dh'Alba, ged a tha esan a' gealltain gun cuireadh Alba bhuaipe a h-armachd niuclasach.

A' Bhana-Mhorair Thatcher

Bidh am Prìomhaire, Dàibhidh Camshron, air ceann na nì luaidh air a' Bhana-Mhorair Thatcher nuair a thilleas a' Phàrlamaid gu sèisean sònraichte feasgar an-diugh. Bidh buill phàrlamaid agus morairean a' deasbad dìleab an t-seann phrìomhaire a chaochail a bhon-dè an dèidh stroc a ghabhail. Bha i 87.

Afghanistan

Tha buidheann de bhuill-phàrlamaid ag ràdh gu bheil cunnart ann gun till Afghanistan gu cogadh sìobhalta mura tèid aonta a dhèanamh leis an Taliban. Tha dragh air Comataidh an Dìon ann an Taigh nan Comantan nach eil feachdan Afghan comasach air dèiligeadh ris an t-suidheachadh nuair a dh'fhalbhas armachd na co-bhanntachd gu lèir às an dùthaich an ath-bhliadhna.

Seirbheisean adhair

Tha comhairlichean SNP a' dol às àicheadh gur iad as coireach gun deach seirbheisean adhair eadar Uibhist agus Steòrnabhagh a ghearradh bho chòig gu trì là san t-seachdain. Tha Buidheann Malairt Innse Gall ag ràdh nach do gabh sianar bhall SNP na comhairle pàirt cheart anns na còmhraidhean mus deach na gearraidhean a dhèanamh, agus tha iad ag iarraidh air a' chomhairle an dìcheall a dhèanamh airson seirbheis adhair còig là san t-seachdain a stèidheachadh cho luath sa ghabhas às ùr.

Aiseag

Chan eil seibheisean aiseig a' ruith eadar an t-Òban, Bàgh a' Chaisteil agus Loch Baghsdail mar as àbhaist an-diugh leis gu bheil tinneas de sheòrsa bhìoras air a' chriubha. Thuirt Caledonian Mac a' Bhruthainn gu bheil iad a' toirt an Lord of the Isles far na seirbheis gus an tèid a glanadh. Tha seo cuideachd a' toirt buaidh air seirbheisean eadar an t-Òban agus Colbhasa. Bidh an Clansman a' seòladh an-diugh ge-tà às an Òban aig 1.40f gu ruige Barraigh agus bidh seirbheis a bharrachd eadar An Àird Mhòr ann am Barraigh agus Èirisgeidh mu 7.15f a-nochd .