Seirbheisean dheth air sgàth bhìorais

LOTI Image copyright James TM Towmill
Image caption Tha an Lord of the Isles na tàmh.

Bidh buaidh air cuid de sheirbheisean Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn gu deireadh na seachdain air sgàth bhìorais a bhual air luchd-obrach air an MV Lord of the Isles.

Thàinig e am bàrr Dimàirt gun robh sianar a tha ag obair air a' bhàta bochd.

Chaidh am bàta a thoirt a-mach à seirbheis gus an tèid a glanadh agus tha Cal Mac an dòchas gum bi i a' sèoladh a-rithist aig an deireadh-sheachdain.

Thuirt iad gu bheil iad duilich mun t-suidheachadh agus nach eil duine den luchd-siubhail a bha air an Lord of the Isles air fàs bochd, cho fad is tha fios aca.

Chaidh seirbheisean a chur dheth Dimàirt is Diciadain mar thà is dh'innis Cal Mac cuideachd nach bi seirbheis ann Diardaoin aig 09.00 eadar an t-Òban is Colbhasa no aig 11.55 eadar Colbhasa is an t-Òban.

Cha bhi seirbheis ann nas motha eadar an t-Òban, Loch Baghasdail is Barraigh aig 15.40 Diardaoin no aig 07.00 Dihaoine eadar Barraigh, Loch Baghasdail agus an t-Òban.

Tha seirbheis a bharrachd eadar An Àird Mhòr ann am Barraigh agus Èirisgeidh oidhche Chiadain mu 19.15.

Chan eil an gnothach a' toirt buaidh air seòlaidhean a' Chlansman eadar an t-Òban is Bàgh a' Chaisteil.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile