Lord of the Isles
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Aiseagan nan tàmh

11 An Giblean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha trioblaidean air bualadh air an Isle of Lewis agus an Lord of the Isles.

Bhrist an Isle of Lewis Diciadain àn dèidh mar a sguir tè de na h-einnseanan aice ag obair 's i air an t-slighe gu Ulapul.

Tha seirbheisean aiseig eadar Steòrnabhagh is Ulapul dheth is chan eil fios aig an ìre seo dè cho fada sa mhaireas an suidheachadh

Tha luchd-siubhail gan cur air slighe Uige agus Tairbeart na Hearardh.

Anns an Òban tha an Lord of the Isles na tàmh aig cidhe às dèidh do bhìoras sgapadh am measg feadhainn den chriùbha.

Chaidh a toirt a-mach à seirbheis Dimàirt is bidh seirbheisean dheth Diardaoin agus Dihaoine fhad's a thathar a' glanadh a' bhàta.