Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An Giblean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Coiria

Tha dùthchannan mòra gnìomhachais an G8 a' coinneachadh ann an Lunnainn agus iad a' deasbad mar a tha Coiria a Tuath a' maoigheadh air Coiria a Deas agus air na Stàitean Aonaichte. Tha Ameireaga ag ràdh gu bheil Coiria a Tuath an impis a dhol ro fhada lem briathran mu chogadh. Tha eòlaichean air an taobh siar ag ràdh a-niste gu bheil Coiria a Tuath le rocaidean air ullachadh aca a tha air chomas siubhal cho fada ri dà mhìle mìle.

Buill-bhodhaig

Bha ardachadh 74% air a' chòig bliadhna mu dheireadh san àireamh dhaoine a thug seachad ball-bodhaig. Tha sin a' ciallachadh gun do rinn Alba gu math na fheàrr na an targaid a chaidh a stèidheachadh bho chion còig bliadhna 'son leth uimhir a-rithist a chuir ris na h-àireamhan. Bha 356 obair lannsa le ball-bodhaig ann an-uiridh, sin deich a bharrachd air na bh' ann a-bhon-uiridh, ged a tha 600 duine fhathast a' feitheamh air an liosta.

Eucoir

Tha Ministear a' Cheartais ann an Alba, Coinneach MacAsgaill, a' foillseachadh phlanaichean 'son dèiligeadh ri feadhainn a tha a' sìor a thilleadh gu eucoir. Thèid còrr 's £7.5m a chur ris an sgeama a thèid a stèidheachadh anns a h-uile prìosan, agus tha ag amas gu h-àraidh air boireannaich agus air fìr òga a tha buailteach tilleadh gu eucoir.

A' Bhana-Mhorair Thatcher

Thuirt Sràid Downing gu bheil iad ag ullachadh liosta de dhaoine air an tèid fiathachadh gu tiodhlaigeadh na Bana-Mhorair Thatcher, Diciadain seo tighinn, ann an Cathair Eaglais an Naomh Pòl. Chaidh dearbhadh nach bi Ceann-suidhe Argentina, Cristina de Kirchner, air an liosta sin.

Càraichean

Dh'innis ceithir chompanaidh càr Iapanach gu bheil iad a' tarraing air ais cha mhòr 300 muillean càr air feadh an t-saoghail agus dragh orra gu bheil rudeigin ceàrr air na pocannan adhair anns na càraichean. Tha Nissan, Toyota, Mazda agus Honda am measg nan càraichean air a bheil seo a' toirt buaidh.

Aiseagan

Chan eil seirbhisean aiseig a' seòladh eadar Steòrnabhagh agus Ulapul an-diugh an dèidh do dh'einnsean bristeadh 'san Isle of Lewis an-dè. Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn aig iarraidh air luchd-siubhail an t-seirbheis eadar Uige agus an Tairbeart a chleachdadh a' chiad ghreis. Tha fiosrachadh ri fhaighinn air làrach lìn Chaledonian Mhic a' Bhriuthainnn no aig na h-oifisean aca. Tha atharrachadh an-diugh cuideachd air seirbheisean eadar an t-Òban, Uibhist agus Barraigh.