Dearbhadh gum fuirich bàta an t-Òib

  • Air fhoillseachadh
Bàta an t-ÒibTùs an deilbh, RNLI
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh bàta-teasairginn a stèidheachadh san t-Òb anns an t-samhradh 2012.

Dhearbh an RNLI gun tèid bàta-teasairginn a chumail san t-Òb làn-ùine.

Thòisich am bàta anns an t-samhradh 2012 às dèidh iomairt bho mhuinntir an àite 'son na seirbheis.

Dh'aontaich an RNLI bàta a chur dhan sgìre mar sgeama dearbhaidh a mhaireadh co-dhuibh bliadhna.

Thuirt iad gum biodh an sgeama dearbhaidh a' measadh cho comasach sa bhiodh a' choimhearsnachd air taic a chumail ri bàta-teasairginn.

A-nise, gun fiùs bliadhna air a dhol seachad, tha Bòrd an RNLI air aontachadh gum fuirich am bàta san t-Òb làn-ùine.

Thuirt a' bhuidheann gun deach am bàta a ghairm 16 tursan bho thòisich e, a' fàgail gun robh e am measg nam bàtaichean-teasairginn as trainge ann an Alba.

Bha an RNLI an dùil sa chiad dol a-mach gum biodh am bàta ga ghairm eadar 5 is 10 turas sa bhliadhna.

Rinn Manaidsear Stèisean an t-Òib, Seonaidh MacIlleathain, toileachas ris an naidheachd is thuirt e gu bheil seo na chomharra air an obair a rinn an criùbha.

"Tha na h-àireamhan air a bhith glè mhath fiùs ged nach eil sluagh mòr a' fuireach san sgìre seo agus tha iad air obair mhòr a dhèanamh 'son an RNLI.

"Seo a-nise buil na h-obrach sin", thuirt e.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh