Dragh mun Isle of Lewis

Isle of Lewis
Image caption Tha mì-thoileachas ann leis an Isle of Lewis.

Tha ceistean air nochdadh mu chomasan an MV Isle of Lewis, ged a sheòl i a-rithist Dihaoine.

Bha an Isle of Lewis na tàmh fad an là Diardaoin às dèidh mar a bhrist tè de na h-einnseanan aice 's i air an t-slighe gu Ulapul Diciadain.

Ged a tha i air ais ann an seirbheis, tha draghan gu leòr air cuid de luchd-poileataics nan Eilean Siar.

"Tha mise a' smaoineachadh gur e gnothach gu math bochd a th' ann gu bheileas a' fàgail na h-Eileanan a tha seo leis a' bhàta seo agus na trioblaidean a th' air a bhith ann leatha bho chionn mìosan a-niste", thuirt Cathraiche Comataidh Còmhdhail nan Eilean Siar, Iain MacAoidh.

Ceist

Thuirt Mgr MacAoidh gu bheil ceist air an urrainn dhan Isle of Lewis cumail a' dol gus an tig an aiseag ùr, an Loch Seaforth, na h-àite an ath-bhliadhna.

Dh'iarr e air Riaghaltas na h-Alba a dhol an sàs.

"Saoilidh mise gu bheil còir aig an Riaghaltas a bhith a' putadh airson is gun tèid an t-seirbheis seo a dhèanamh nas fheàrr na tha i", thuirt e.

Tha iomagain cuideachd air ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba, Alasdair Allan.

Thuirt Mgr Allan gun cuir e litir mun t-suidheachadh gu ruige Chal Mac.

"Tha an eaconomaidh anns na h-Eileanan a' crochadh air a' bhàta seo.

Turasachd

"Bidh mise a' sgrìobhadh gu Cal Mac agus a' faighneachd dè tha iad a' dèanamh gus dèanamh cinnteach nach tachair an leithid tro sheusan na turasachd.

"A' cheist a th' agam, dè seòrsa seirbheis a bhios againn eadar seo agus am bàta ùr tòiseachadh an ath-bhliadhna.

"Àm bho àm bidh bàtaichean a' bristeadh sìos, ach tha cudromach dha eaconomaidh nan Eilean nach bi e a' tachairt ro thric", thuirt e.

Thuirt Cal Mac nach bi an Isle of Lewis a' bristeadh dad nas trice na gin de na bàtaichean eile a th' aca.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile