BBC Naidheachdan

Sgrùdadh sàbhailteachd nan sgoiltean

Published
image captionTha an suidheachadh a' toirt buaidh air ceithir de na sgoiltean ùra anns na h-Eileanan an Iar.

Thèid sgrùdaidhean sàbhailteachd a dhèanamh air uinneagan-mullaich ann an ceithir bun-sgoiltean ùra anns na h-Eileanan Siar, às dèidh mar a bhrist a' ghlainne ann an trì de na h-uinneagan.

Cha deach duine a ghoirteachadh.

Thèid sgrùdadh a dhèanamh air 32 uinneagan uile gu lèir eadar Sgoil an Rubha, Sgoil an Taobh Siar, Sgoil Dhalabroig is Sgoil Bhaile a' Mhanaich.

Thuirt Cathraiche Comataidh Foghlaim Comhairle nan Eilean Siar, Catriona Stiùbhart, gur e sàbhailteachd na cloinne agus luchd-obrach an rud as cudromaiche

Thuirt i cuideachd gur e a' chompanaidh a thog na sgoiltean a dh'fheumas pàigheadh airson na h-obrach a bhios a dhìth.

Tha dùil ri aithisg bhon chompanaidh togail, FMP, ro dheireadh na mìos.

Chan eil buaidh air sgoiltean eile nan Eilean Siar.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Sgoiltean ùra gam fosgladh do sgoilearan