Urchair à Bàideanach

  • Air fhoillseachadh
Bail' Ùr an t-SlèibhTùs an deilbh, Bail' Ùr an t-Slèibh
Fo-thiotal an deilbh,
Tha staing na camanachd a' sìor a leudachadh.

Ghabh a' chonnspaid ann an saoghal na h-iomain car eile is Bail' Ùr an t-Slèibh a' toirt ionnsaigh sgrìobhte air Comann na Camanachd.

Dh'innis an comann an t-seachdain seo nach rachadh tagradh bho Chamanachd an Eilein Sgitheanaich mu structar nam farpais air adhart gu AGM na buidhne nàiseanta.

Dh'aontaich Comann na Camanachd mar thà am Prìomh Lìog a ghearradh bho 10 sgioba gu 8 agus lìog nàiseanta eile de 8 sgiobaidhean a chruthachadh.

Dh'iarr na Sgitheanaich gum biodh cùisean air am fàgail mar a tha iad, ach thuirt Comann na Camanachd nach biodh e iomchadh tagradh nan Sgitheanach a chur mu choinneamh an AGM.

Tha a h-uile coltas gum fàg sin gum bi coinneamh-èiginn EGM ann mun ghnothach.

A-nise tha Bail' Ùr an t-Slèibh air air a dhol an sàs agus teas a bharrachd a chur ris an deasbad.

Strì

Ann am brath-sgrìobhte, thuirt am Bail' Ùr gun robh coltas ann gur e strì is eus-aonta pearsanta am measg bòrd-stiùiridh Chomann na Camanachd a bu choireach airson mar a chaidh tagradh nan Sgitheanach a thilgeil às, seach freagairt reusanta air na draghan a th' air iomadh chluba.

Thuirt iad gu bheil coltas ann gun robh am bòrd a' coimhead ris an tagradh mar cheist air an cumhachd fhèin gus co-dhùnaidhean a dhèanamh.

Bha sin "leanabail" ann am beachd Bhail' Ùr an t-Slèibh.

Thog iad ceist cuideachd mu bheachd a' bhùird-stiùiridh gun robh taic aca airson gluasad air adhart ris na molaidean aca 'son structar ùir.

Thuirt Bail' Ùr an t-Slèibh gur ann aig coinneamh neo-fhoirmeil a chaidh a' chùis a dheasbad an toiseach is nach deach co-chomhairle a dhèanamh air an stuctar a thagh am bòrd air a' cheann thall.

Bhòt

Thuirt an sgioba Bhàideanach cuideachd gun d' fhuair iad gealltanas sa Ghearran gun obraicheadh an comann ris na clubaichean agus gum faodadh deasbad agus bhòt a bhith ann mu structar ùr aig AGM Chomann na Camanachd sa Ghiblean.

Tha iad a-nise a' faireachdainn gun deach an "treigsinn", thuirt iad.

"Tha sinn 100% air cùlaibh tagradh nan Sgitheanach gus cur às dha na planaichean gun seadh seo 'son structar ùir", thuirt rùnaire a' Bhail' Ùir, Iain Gibson.

"Seasaidh sinn còmhla ri na Sgitheanaich, Ceann a' Ghiuthsaich agus Caol Bhòid.

"Cha do thuig Comann na Camanachd idir cho làidir sa tha na clubaichean a' faireachdainn mun seo", thuirt e.

Thuirt Mgr Gibson gur e AGM "stoirmeil" a bhios ann, is gheall e gun stèidhich na clubaichean coinneamh èiginn gus dèiligeadh ri dol a-mach a' bhùird-stiùiridh.

Comann na Camanachd

Thuirt Àrd-Oifigear Chomann na Camanachd, Torcuil MacLeòid, nach toir iad seachad freagairt air brath Bhail' Ùr an t-Slèibh fhèin.

Thuirt e ge-tà gu bheil e cudromach dhan spòrs san fharsaingeachd gun tèid coimhead air a' ghnothach ann an dòigh reusanta agus le ùine 'son coimhead air beachd gach taobh den argamaid.

Dhearbh e cuideachd gun d'fhuair an comann iarrtas sgrìobhte 'son iarrtas nan Sgitheanach 'son coinneimh èiginn.

Tha e coltach gum bi i ann uaireiginn sa Chèitean.

Thuirt Rùnaire Chamanachd an Eilein Sgitheanaich, Keith MacCoinnich, gu bheil Cabair Fèidh is Lòbhat a-nise air taic a chur riutha, cho math ri Bail' Ùr an t-Slèibh, Ceann a' Ghiuthsaich agus Caol Bhòid.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh