Companaidh uisge-bheatha ga ceannach
- Air fhoillseachadh

Tha Taigh-staile Bunnahabhain an Ìle a-nis le companaidh à Afraga a Deas.
Cheannaich buidheann dibhe à Afraga a Deas a' chompanaidh uisge-bheatha Burn Stewart Distillers.
Phàigh iad £160m airson na companaidh.
Tha trì taighean-staile aig Burn Stewart a bhios a' dèanamh Bunnahabhain, Tobermory, Scottish Leader agus Black Bottle.
Fàs
Thuirt a' bhuidheann a th' air Burn Stewart a cheannach, an Distell Group, gu bheil fàs a' tighinn air gnìomhachas an uisge-bheatha gu h-eadar-nàiseanta.
Bha co-bhanntachd eadar Distell agus Burn Stewart ann an Afraga bho 2007.
Tha ionadan aig Burn Stewart ann an Cille Brìghde an Ear agus ann an Àird Rìgh agus taighean-staile anns an Dùn ann an Siorrachd Pheairt, ann an Ìle agus ann am Muile.
'S e Scottish Leader an t-uisge-beatha as prothaidaiche a th' aca.