Pronnadh do Cheann Loch Seile

Camain Image copyright SNS
Image caption Às dèidh seachdain de chonnspaid far na pàirce, bha daoine a' bruidhinn mun spòrs fhèin a-rithist.

Thill aire luchd-leantainn na h-iomain dhan phàirc aig an deireadh-sheachdain ach a-rithist 's iad Bail' Ùr an t-Slèibh a bha a' cruthachadh nan ceann-naidheachd.

Thug an sgioba aig Pòl John Mac an Tòisich droinneadh uabhasach air Ceann Loch Seile aig an Eilean, far an robh iad air thoiseach 3-0 às dèidh beagan is deich mionaidean.

Chum am Bail' Ùr orra agus bha 6 aca nuair a thàinig leathach-ùine.

Cha robh loidhne-dìon Chinn Loch Seile buileach cho trang san dàrna leth, ach thàinig dà thadhal eile dhan Bhail' Ùr mus do chuir Gordie Dòmhnallach tadhal dha balaich a' chosta an iar.

Rabhadh

8-1 air a' cheann thall is rabhadh gu bheil sùilean a' Bail' Ùir air tiotal eile.

Tha iad fhathast san dàrna àite ge-tà, is Inbhir Aora air glèidheadh a-rithist.

Rinn sgioba Loch Fìn a' chùis 2-0 air Gleann Urchadain is na tadhail a' tighinn bho Lewis MacNeacail is Garry Mac a' Phearsain.

Tha Inbhir Aora air iongnadh a chur fiù 's orra fhèin le cho math 's a tha iad air an seusan a thòiseachadh, is iad ag amas ro-làimh air fuireach san lìog seach a bhuannachadh.

Dùbhlan

Tha iad air ceithir de na sia geamaichean aca thuige seo a chluich aig an taigh ge-tà, agus 's e dùbhlan a bhios ann dhaibh puingean a thogail air an rathad.

Mus tig iad gu sin bidh iad aig an taigh a-rithist an aghaidh a' Bhail' Uìr an ceann cola-deug, is abair gu bheil coltas tarraingeach air a' gheama sin.

'S iad Caol Bhòid a tha san treas àite san lìog is iadsan air buannachadh 2-0 an aghaidh Loch Abair.

Chuir Ruairidh Dòmhnallach na tadhail agus faochadh do Chaol Bhòid a chaill an dà gheama mu dheireadh.

Tha Lòbhat còmhla riutha air ochd puingean is iad fhathast air geama a chall.

Bonn

B' e 4-0 a bh' ann dhaibh Disathairne an aghaidh Camanachd an Òbain, a tha iad fhèin a-nise aig bonn na lìge.

Anns a' gheama eile sa Phrìomh Lìog bhuannaich Ceann a' Ghiuthsaich 3-0 sa Ghearasdan le tadhail anmoch bho Ally Walker is Pòl Gow a' cur beagan de ghleans air a' ghnothach.

Chaidh A' Mhanachainn gu mullach Lìog Tuath 1 còmhla ri Cill Mhàillidh nuair a rinn iad a' chùis air sgioba Loch Abair 1-0.

Thàinig an tadhal cudromach sa mhionaid mu dheireadh bho Mharc MacLachlainn.

Cupa

Ghluais Camanachd an Eilein Sgitheanaich air adhart dhan ath-chuairt de Chupa a' Bhaile Mhòir, 3-1 an aghaidh Inbhir Nis.

Bha briseadh-dùil do Chamanachd Leòdhais air a' cheann thall is iad air call 4-3 gu Loch Bhraoin ann an Lìog Tuath 3.

Tha fhios ge-tà, gum bi na Leòdhasaich air am misneachadh le cho faisg 's a bha na geamaichean aca thuige seo is bidh iad dòchasach gun tòisich na puingean a' càrnadh nuair a thòisicheas iad air na geamaichean aca aig an taigh.

'S iad Both Fhleisginn a tha a-nise aig mullach Lìog Tuath 3 às dèidh dhaibh buannachadh 4-2 an aghaidh Shrath Ghlais, fhad 's a bha Loch Abar a' cur ceithir seachad air Cill Mhàillidh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile