Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An Giblean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sochairean Sòisealta

Tha casg ùr air sochairean sòisealta a' tòiseachadh an-diugh leis a' chiad earrainn dheth ann an ceithir sgìrean ann an Lunnainn mus tèid a stèidheachadh air feadh Bhreatainn. Tha an Riaghaltas ag ràdh gun sàbhail sin còrr is £100m gach bliadhna. Tha na Làbaraich ag ràdh ge-tà, gu bheil poileasaidh an Riaghaltais a' ciallachadh gu bheil cosgais nan sochairean-stàite a' sìor èirigh.

Iorac

Chaidh còrr is 20 duine a mharbhadh ann an sreath de dh'ionnsaighean boma ann am bailtean air feadh Ioraic. Chaidh dithis a mharbhadh le boma ann an càr aig port-adhair eadar-nàiseanta Baghdad.

Coirea a Tuath

Thuirt Rùnaire nan Stàitean Aonaichte, John Kerry, gu bheil Aimeireaga deònach bruidhinn ri Coirea a Tuath, ma nì Coirea a Tuath na bu chòir dhi a thaobh a dleastanas eadar-nàiseanta. Thuirt Mgr Kerry gu bheil a' choimhearsnachd eadar-nàiseanta gu lèir a' cur an aghaidh mar a tha Coirea a Tuath air a bhith a' maoidheadh armachd niuclasaich air dùthchannan eile.

Faslann

Tha mu 30 duine air iad fhèin a cheangal le sèinichean gu geataichean aig ionad a' Chabhlaich Rìoghail aig Faslann air Linne Chluaidh agus iad a' togail fianais an aghaidh armachd niuclasaich. Chuir luchd-iomairt fad an deireadh-sheachdain seachad air an làraich 's iad ag iarraidh air riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cur às do dh'armachd niuclasach Trident.

Seach-rathad Inbhir Nis

Tha comhairlichean air Ghàidhealtachd a' bhòtadh an-diugh air an ath-earrainn de phlana airson rathaid ùir agus taighean ùra air taobh siar Inbhir Nis. Tha luchd-iomairt ag ràdh gum mill am plana sgìre bhrèagha nàdarra den bhaile.

Aiseag Ùr

Tòisichidh seirbheis aiseig ùr samhraidh airson turasachd agus malairt a bhrosnachadh ann an Cinn Tìre. Bidh CalMac, às leth Còmhdhail Alba a' ruith seirbheis trì tursan san t-seachdain eadar Àird Rosain agus Ceann Loch Chille Chiarain, agus i a' tadhail cuideachd gach Disathairne air Brodaig an Eilean Arainn. Tòisichidh an t-seirbheis ùr air an ath-mhìos.

Seirbheisean Aiseig

Tha trioblaidean teicnigeach a' ciallachadh nach eil seòlaidhean aig CalMac an-diugh fhathast co-dhiù eadar Ùige, an Tairbeart agus Loch nam Madadh. Tha an Hebrides ann an Ùige an-dràsta 's i a' feitheamh ri càradh. Tha iad ag ràdh gum bi fiosrachadh a-rithist ann aig meadhan là, no 's dòcha nas tràithe na sin ma bhios am fiosrachadh ann. 'S tha gaoth làidir cuideachd a' toirt buaidh air na h-uidhir de sheirbheisean aiseig Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn an-diugh. Gheibh sibh am fiosrachadh sin bho na h-oifisean aig CalMac, air neo air an làraich-lìn aca.