Ath-bheothachadh air fàire air taobh siar Mhuile
- Air fhoillseachadh

Tha coimhearsnachd bheag ann an Muile air plana leasachaidh ullachadh, agus bun-sgoil na sgìre ann an chunnart dùnadh.
Chomharraich Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid sgoil Aiseig Ulbha airson dùnadh o chionn trì bliadhna.
Às dèidh sin chuir muinntir Aiseig Ulbha comann coimhearsnachd air bhonn gus am plana ullachadh.
Rinneadh co-chomhairleachadh poblach feuch na uireasbhaidhean a bu mhotha anns an sgìre aithneachadh.
Tha am plana a' moladh gun tèid taighean a thogail a bhios ri reic no ri ghabhail air màl air prìs reusanta, agus dheadh seirbheisean na sgìre a leasachadh.
Bheirte leasachadh air còmhdhail, cidhe na sgìre, agus raon-cluiche do chloinn.
Tha a' choimhearsnachd cuideachd a' bruidhinn air an sgoil fhèin a cheannach bhon Chomhairle.
Tha Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean air Oifigear-Leasachaidh Ionadail a mhaoineachadh, agus tha na thathas a' moladh a-nis air fhoillseachadh ann am plana coimhearsnachd.