Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An Giblean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Boston

Chaidh triùir a mharbhadh agus faisg air 150 duine a leòn le dà spreadh aig deireadh rèis Mharathon Bhoston anns na Stàitean Aonaichte. Bha gille, ochd bliadhna de dh'aois, air fear de na chaill a bheatha. Ghabh an FBI smachd air an rannsachadh, agus thuirt an Ceann-suidhe Obama gun tèid ge b' e cò a bh' air cùlaibh na h-ionnsaigh a thoirt gu ceartas. Thuirt stiùirichean Mharathon Lunnainn gun tèid an rèis sin air adhart air an deireadh-sheachdain, ach gu bheil iad a' toirt sùil às ùr air tèarainnteachd. Tha Rùnaire na Dùthcha, Theresa May, air bruidhinn ri Scotland Yard, agus ri ceannard MI5.

Thatcher

Chaidh deasbad ann an Holyrood air dìleab na Bana-Mhorair Thatcher a ghluasad gus an seachainn e a tiodhlacadh a-màireach. Bha an deasbad, a bha a' bhuidheann Uaine neo-eisimeileach ag iarraidh, gu bhith ann a-màireach, ach chaidh a chur air ais chun an earrar le aonta Biùro Gnothaich Phàrlamaid na h-Alba.

Seach-rathad Inbhir Nis

Chaidh fàgail air Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad a' cur chòirichean bhuidhnean mòra coimearsalta air thoiseach air an t-sluagh, agus e air tighinn am follais gun robh a' chompanaidh bhùthainnean Tesco, agus a' chompanaidh thogail Tulloch, a' cur cuideim air a' Chomhairle rathad ùr a thogail air taobh siar Inbhir Nis. Tha a' Chomhairle air gabhail ris a' phlana airson an rathaid, a bha an dà chompanaidh ag iarraidh, tro Phàirce a' Chanàil. Tha luchd-iomairt a' gearain gum mill an rathad àrainneachd na sgìre sin, agus gun do chuir a' Chomhairle iarrtas o luchd-leasachaidh air thoiseach air beachd an t-sluaigh.

Seirbheis Aiseig

Tha muinntir Uibhist a Deas a' gearain gu bheil seirbheis aiseig ùr a' tòiseachadh eadar Àird Rosain agus Ceann Loch Chille Chiarain nuair a tha e a' faileachadh orrasan, a dh'aindeoin strì fhada, seirbheis fhaighinn eadar Malaig agus Loch Baghasdail. Thuirt Còmhdhail na h-Alba gu bheil fhios aca gu bheil iarrtas làidir ann an Uibhist a Deas airson seirbheis eadar iad agus Tìr Mòr, ach gum biodh sin ro dhaor an-dràsta eadar bàt-aiseig ùr a thogail agus cosgaisean a ruith.

Tuathan-Gaoithe

Bidh buill ann am Pàrlamaid na h-Alba a' cur cheistean air oifigich Dhualchas Nàdair na h-Alba an-diugh mun iarrtas gum biodh sgìrean den Ghàidhealtachd saor bho thuathan-gaoithe. Tha Comataidh nan Ath-chuingean ann an Holyrood a' beachdachadh air tagradh bho Urras Iain Muir a tha ag iarraidh dìon air cuid de na sgìrean a tha iad fhèin agus SNH a' comharrachadh.