Cobhair ga dhèanamh air fear-curaich

Chaidh cobhair a dhèanamh air fear a thuit a-mach às a' churaich aige air Loch Lòchaidh Diluain, 's e a' fulang gu dona le hypothermia.

Bha an duine, nach deach ainmeachadh, cuide ri dithis eile nuair a thachair an tubaist.

Chaidh a thoirt gu sàbhailteachd le heileacoptair mhaor-chladaich Steòrnabhaigh.

Tha e ann an Ospadal a' Bhelford anns a' Ghearasdan.