Sgrùdadh air ionnsaigh an Inbhir Nis

Thuirt na poilis gun deach fireannach, 32, a chur an grèim co-cheangailte ri ionnsaigh aig Eileanan Abhainn Nis moch madainn na Sàbaid.

Dhùin oifigearan an sgìre gus an dèanadh iad rannsachadh às dèidh 02:00.

Thuirt na poilis gu bheil dùil gu nochd an duine sa chùirt ann an Inbhir Nis Diciadain.

Thèid aithisg gu Neach-casaid a' Chrùin.