Cead do thaigh-staile

Stailleachan Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha barrachd thaighean-staile ann an Srath Spè na tha ann an sgìre sam bith ann an Alba.

Fhuair taigh-staile ùr ann an Srath Spè cead-dealbhachaidh bho chomhairlichean ann am Moireabh.

Bidh taighean-bathair an lùib an taighe-staile ùir, air làrach seann taighe-staile Imperial, faisg air Obar Lobhair.

'S iad Chivas Brothers Eta a th' air cùlaibh a' phlana.

Dhùin taigh-staile Imperial anns na 1980an, 's cha deach càil a dhèanamh leis an làraich bhon uair sin.