Moladh air cùram slàinte nan Eilean Siar

Seann bhoireannach
Image caption Bha an sgrùdadh a' coimhead ris a' chùram a gheibh seann daoine ann an ospadalan na h-Alba.

Thuirt a h-uile duine a chaidh a cheasnachadh an lùib sgrùdaidh mu chùram slàinte do sheann daoine anns na h-Eileanan Siar gun robh iad riaraichte leis a' chùram a fhuair iad.

Chaidh sreath cheistean a chur air euslaintich, a tha seachad air 65 bliadhna de dh'aois, leis a' bhuidhinn Healthcare Improvement Scotland.

Thadhail a' bhuidheann air ceithir uàrdan ann an Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh, a thuilleadh air roinn èiginn an ospadail.

Thuirt a h-uile duine a chaidh a cheasnachadh gun d' fhuair iad drogaichean a thug faochadh dhaibh bho phian nuair a bha feum aca orra, agus gun d'fhuair iad cuideachadh le bhith gan nighe fhèin agus an leithid.

Chaidh an sgrùdadh a chur air dòigh le Riaghaltas na h-Alba gus dearbhadh gu bheil an cùram a gheibh seann daoine ann an ospadalan air feadh Alba mar bu chòir.

"Misneachail"

Thuirt Àrd-oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson, gun robh iad air am misneachadh leis na thàinig às an sgrùdadh.

"Chaidh moladh a dhèanamh air ìrean conaltraidh eadar luchd-obrach agus euslaintich - rud a tha gu math cudromach agus a nì cinnteach gum bi feumalachdan nan euslainteach aig meadhan nan seirbheisean againn," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile