Drogaichean clas A an Inbhir Nis

Air fhoillseachadh

Chaidh greim fhaighinn air drogaichean clas A, anns am biodh luach mu £30,000 air an t-sràid, faisg air Inbhir Nis Dimàirt.

'S ann le oifigearan bhon bhuidhinn ùir a bhios a' strì ri eucoir eagraichte agus obair cheannairc, a tha na pàirt de Phoilis na h-Alba, a chaidh na drogaichean fhaighinn.

Thèid aithisg mu dhithis fhireannach, aois 28 agus 34, a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.

Thèid aithisg eile ullachadh mu fhireannach eile, 25, airson sgian a bhith aige.

Thuirt an Detective Inspeactor Andy Logan gu bheil e na phrìomhachas dhaibh, stad a chur air drogaichean bho a bhith gan toirt a-steach dhan sgìre.

Dh'iarr e air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu mhalairt dhrogaichean ann an sgìre na Gàidhealtachd 's nan Eilean fios a chur thuca-san neo gu Crimestoppers.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh