Iasgairean òga gan iarraidh

  • Air fhoillseachadh

Thèid cùrsa ùr airson òganaich às na h-Eileanan Siar a bhrosnachadh gus a dhol a dh'iasgach a chur an sàs aig toiseach an t-Samhraidh.

Bidh cùrsa trì seachdainean ri fhaodainn do dhaoine a th' air an sgoil fhàgail bhon Ògmhìos.

'S e Comann Trèanaidh an Iasgaich anns na h-Eileanan Siar agus am prògram Include-Us a th' air a chùlaibh.

Gheibh an fheadhainn à nì an cùrsa trèanadh mu sgilean mara agus sàbhailteachd.

Deagh chothrom

Bidh iad a' faighinn teisteanas nuair a chuireas iad crìoch air, agus thuirt Donnchadh MacAonghais bho Chomann Trèanaidh an Iasgaich anns na h-Eileanan Siar gur e deagh chothrom a th' ann.

Bha e ag ràdh gum faodadh òganaich a thèid air a' chùrsa cosnadh fhaighinn fèar às dèidh dhaibh a chrìochnachadh.

Thuirt Rut NicLeòid, a tha na neach-taic aig Include Us, nach ann a-mhàin do dhaoine a tha a' fàgail na sgoile a tha an cùrsa, ach do dhuine sam bith a tha 19 bliadhna de dh'aois no nas òige.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh agus bileagan tagraidh bho ruth.macleod@include-us.co.uk.