Companaidh eileanach ga ceannach

  • Air fhoillseachadh

Thèid Aggregate Industries, leis a bheil Bardon Hebrides, a ghabhail thairis le tè de na companaidhean cuaraidh as motha ann am Breatainn.

Bidh a' bhuidheann fo smachd a' Breedon Group bho dheireadh na mìos.

Thuirt Àrd-Oifigear Breedon ann an Alba nach robh planaichean idir aca dad atharrachadh anns na h-Eileanan an Iar far a bheil timcheall air 50 duine a' faighinn cosnaidh aig Bardon an-dràsta.

Tha trì chuaraidhean aig a' bhuidhinn anns an sgìre cuideachd.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh