Càin Porsche
- Air fhoillseachadh

Chaidh càin de Phorsche an àite binn prìosain air fear à Inbhir Nis a chaidh a ghlacadh ag òl agus a' dràibheadh airson an dàrna turais agus a chaidh fhaighinn ciontach uair eile airson a bhith an urra ri càr is e leis an deoch.
Thàinig air Raibeart Dòmhnallach, 37, à Àite Àird Thuilm an Inbhir Nis, am Porsche Carrera aige luach £23,000 a thoirt seachad.
Cuideachd, chaidh casg dràibhidh ceithir bliadhna air.
A thuilleadh air an sin, chaidh càin de £1,000 air agus feumaidh e 200 uair a thìde de sheirbheis anns a' choimhearsnachd a dhèanamh.
A bharrachd air a bhith ag òl, dh'aidich Raibeart Dòmhnallach gun robh e a' dràibheadh gu cunnartach air Rathad Dhùbhrais taobh a-muigh Inbhir Nis anns an Fhaoilleach am bliadhna, gun robh e a' dol bho gach taobh den rathad agus gun do bhuail e balla.
Fìon
Chuala a' chùirt gun do ghabh an Dòmhnallach steall à botal fìona aig oir an rathaid às dèidh dha am balla a bhualadh mus do theich e leis a' chàr gun fios a chur air na poilis.
Chaidh a ràdh cuideachd gun robh bonaid a' chàr briste agus a' stobadh an àirde nuair a dh'fhalbh e agus gun robh na solais rabhaidh air.
Fhuair na poilis e aig a dhachaigh, far an robh botail falamh.
Chaidh a chur fo chasaid an toiseach gun robh 146mg de dh'alcol na fhuil, nuair a 's e 35mg a tha ceadaichte.
Chaidh e às àicheadh sin, ach dh'aidich e an uair sin gun robh 90mg de dh'alcol na fhuil.
Cha deach innse anns a' chùirt ciamar a chaidh an ìre ìsleachadh.
Aithreachas
Thuirt am britheamh Màiread Neilson, gun do theab i am prìosan a thoirt dha, ach gun do cho-dhùin i gun seach gun do sheall e aithreachas, ri linn 's gu bheil e a' feuchainn ri dèiligeadh ris an trioblaid a th' aige le deoch làidir agus seach gun do dh'aontaich e am Porsche a leigeil seachad.
Tha Raibeart Dòmhnallach ag obair ann an gnìomhachas na h-ola agus bidh e a' cosnadh £5,000 anns a' mhìos.
Chaidh an Dòmhnallach a dhìteadh ann an 2003 airson a bhith a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe, agus bha e an urra ri càr is e leis an deoch ann an 2010.