Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An Giblean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Spreadh Theagsas

Dhearbh na poilis ann an Teagsas gun deach grunn dhaoine a mharbhadh an dèidh spreadh mhòir aig factaraidh a tha a' dèanamh todhair, ged nach eil fhios aig an ìre seo co mheud. Chaidh còrr is 100 eile a ghoirteachadh anns na tubaist, faisg air baile Waco ann an Teagsas, 's chaidh milleadh mòr a dhèanamh air togalaichean faisg air làimh. Chaidh ionad-cobhair èiginneach a stèidheachadh aig pàirce bhuill-choise faisg air far an do thachair an spreadh.

Boston

Bidh Ceann-suidhe Obama a' siubhail a Bhoston an-diugh gus pàirt a ghabhail ann an seirbheis chuimhneachaidh dhan fheadhainn a chaidh a ghlacadh ann an spreadh aig marathon a' bhaile Diluain. Tha aithrisean a-nis gu bheil na Poilis air fianais a lorg bho dhealbhan CCTV, agus gu bheil daoine fo amharas aca a-nis ged nach eil duine aca an grèim.

Christine Lagarde

Dh'iarr cùirt anns an Fhraing gun nochd ceannard na Maoin Airgid Eadar-nàiseanta (IMF) Christine Lagarde mu an coinneimh gus an tèid a ceasnachadh mun ùine a chuir i seachad mar mhinistear anns an dùthaich. Tha a' chùirt a' rannsachadh chasaidean coirbteachd far an deach airgead a phàigheadh gu fear-gnothaich.

Na Làbaraich

Molaidh Pàrtaidh Làbarach na h-Alba smachd air teachd a-steach bho Oighreachd a' Chrùin a thoirt do dh'ùghdarrasan ionadail air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan. Thàinig seo agus am pàrtaidh a' cumail na co-labhairt earraich aca ann an Inbhir Nis air an deireadh-sheachdain. Tha buidheann de bhuill Làbarach aig Holyrood agus Westminster air a' chùis a mholadh, ach tha coltas gun seas iad an aghaidh smachd air cìsean eile a thoirt do dh'Alba.

Bardon Hebrides

Thèid Aggregate Industries, leis a bheil Bardon Hebrides, a ghabhail thairis le aon de na companaidhean cuaraidh as motha ann am Breatainn. Bidh a' bhuidheann fo smachd a' Breedon Group bho dheireadh na mìos. Thuirt Àrd-oifigear Breedon ann an Alba nach robh planaichean idir aca dad atharrachadh anns na h-Eileanan Siar, far a bheil timcheall air 50 a' faighinn cosnadh aig Bardon an-dràsta.

Cumhachd Ath-nuadhachail

Tha Ministear a' Chumhachd, Fearghas Ewing, ag ràdh gu bheil Alba air 40% de dh'amas a thaobh chumhachd ath-nuadhachail bho sgeamaichean coimhearsnachd a ruighinn. Chuir Riaghaltas na h-Alba romhpa gun deadh 500mw de chumhachd a dhèanamh ann an dòigh ath-nuadhachail ron bhliadhna 2020. A' bruidhinn aig co-labhairt ann an Inbhir Nis thuirt am ministear gu bheileas a' cruthachadh 204mw de chumhachd a-nis.