Pàrtaidh poileataigeach ùr an aghaidh thuathan-gaoithe

Chaidh pàrtaidh poileataigeach ùr a chur air bhonn air Ghàidhealtachd Diardaoin a dh'aona-ghnothach airson cur an aghaidh leudachadh thuathan-gaoithe.

Tha Partaidh Caidreachais na h-Alba ag iarraidh gun tèid sùil às ùr a thoirt air poileasaidh chumhachd ath-nuadhchail na dùthcha ann an aithghearrachd.

Bidh iad cuideachd ag iomairt an aghaidh phrìsean àrda chumhachd

Chaidh am pàrtaidh a chur air bhonn aig co-labhairt air cumhachd ath-nuadhachail coimhearsnachd ann an Inbhir Nis.

Bidh iad gu h-araid ag amas air na roinnean pàrlamaid sa bheil buill a tha a' cur taic ri tuathan-gaoithe.