Fuamhairean Bhàideanach gus coinneachadh

  • Air fhoillseachadh
Ceann a' Ghiuthsaich is Bail' Ùr an t-Slèibh.Tùs an deilbh, Neil Paterson
Fo-thiotal an deilbh,
Coinnichidh na seann nàimhdean aig an Eilean Disathairne.

Coinnichidh Bail' Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiuthsaich 'son a' chiad uair am-bliadhna Disathairne is iad gus farpais 'son àite san iar chuairt dheireannaich de Chupa MhicThàmhais.

'S ann air èiginn a ràinig nàbaidhean Bhàideanach an ìre seo den fharpais.

Bha am Bail' Ùr ann an sloc sa chiad chuairt is iad 0-3 air deireadh an aghaidh a' Ghearasdain mus do thill iad air ais 'son glèidheadh 5-3.

'S ann a bha gnothaichean na bu dhuilghe buileach do Cheann a' Ghiuthsaich a rinn a' chùis air na Sgitheanaich ann am Port Rìgh air slaicean peanais air a' cheann thall.

Thèid an dà sgioba a-steach dhan gheama ann an deagh shunnd is Ceann a' Ghiuthsaich air buannachadh 3-0 sa Ghearasdan an t-seachdain seo chaidh, fhads a bha am Bail' Ùr a' sgrios Chinn Loch Seile 8-1.

Doirbh

Ged a tha coltas nas làidire air a' Bhail' Ùr an-dràsta, thuirt am manaidsear Pòl Iain Mac an Tòisich, gur e geama glè dhoirbh a bhios ann.

"Chan urrainn dhuit innse cò bhuannaicheas nuair a tha Bail' Ùr an t-Slèibh a' cluich Chinn a' Ghiuthsaich - dh'fhaodadh rud sam bith tachairt", thuirt e.

Gheall manaidsear Chinn a' Ghiuthsaich, Russell Jones, geama cruaidh.

"Tha fios againn gum bi daoine a' sùileachadh gum buannaich iadsan, ach cha tèid sinn a chaoidh a-steach gu geama an aghaidh Bhail' Ùr an t-Slèibh gun a bhith ag amas air buannachadh", thuirt e.

Bu chòir gum bi na geamaichean eile ann an Cupa MacThàmhais glè inntinneach cuideachd.

Soirbheachadh

Coinnichidh Cill Mhàillidh is A' Mhanachainn a-rithist, seachd là às dèidh dhan Mhanachainn soirbheachadh 1-0 ann an geama eadar iad san lìog.

Bidh Loch Abar ag amas air an seusan aca a chur gu dol nuair a chluicheas iad an aghaidh Lòbhait is bidh Ceann Loch Seile a' tadhal air Gleann Urchadain.

Aig deas tòisichidh Inbhir Aora an oidhirp gus Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu a dhìon le geama aig an taigh an aghaidh Obar Dobhair.

Tha sgioba Fìobha air tighinn air adhart am bliadhna, ach bidh iad an dùil ri feasgar doirbh ann an Earra-Ghàidheal.

Bidh gnothaichean doirbh cuideachd do Thaigh an Uillt, a chuireas fàilte air Caol Bhòid.

Goirteachadh

Thèid Camanachd an Òbain a chluiche Gleann Urchaidh is bidh iad as aonais Scott Mhic a' Mhaolain, a chaidh a ghoirteachadh an aghaidh Lòbhait an t-seachdain seo chaidh.

Sa gheama eile sa Chupa Cheilteach cluichidh Eilean Bhòid an aghaidh Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal.

Ann an Lìog Tuath 1 bidh na Sgitheanaich a' tadhal air Pàirc a' Bhucht.

Rinn iad a' chùis air Inbhir Nis 3-1 ann am Port Rìgh an t-seachdain seo chaidh is bidh iad misneachail gum faigh iad dà phuing an seo.

Chan eil geama idir aig Camanachd Leòdhais an t-seachdain seo.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh