Cùirtean beaga gan dùnadh

  • Air fhoillseachadh
Cùirt an t-Siorraidh, Inbhir Pheofharain
Fo-thiotal an deilbh,
Dùinidh Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Pheofharain.

Dh'aontaich Riaghaltas na h-Alba gun tèid 10 cùirtean siorraidh san dùthaich a dhùnadh gus airgead a chùmhnadh.

Bidh Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Pheofharain am measg na thèid a dhùnadh.

Thèid cuideachd seachd cùirtean maor ceartais a dhùnadh, leis an dleastanasan gan cur air àiteachan eile.

Bidh nas lugha chùirtean san dùthaich a bhios a' cluinntinn chùisean le siorram agus diùraidh cuideachd.

Thuirt Rùnaire a' Cheartais, Coinneach MacAsgaill, gun robh na h-atharrachaidhean "iomchaidh."

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh