Canaib ga lorg an sgrùdadh nighinn

Lorg poilis a bha a' coimhead airson nighean bheag lusan canaib ann an taigh boireannaich 58 bliadhna de dh'aois ann an Inbhir Nis.

Chaidh iomairt sgrùdaidh a chur air dòigh anns an Iuchar an-uiridh nuair a chaidh an leanabh a dhìth bho a dachaigh faisg air Abhainn Nis.

Bha na poilis a' dol gu taighean dhaoine nuair a lorg iad na lusan ann an dachaigh Màiri Well.

Obair choimhearsnachd

Chaidh òrdachadh gum feum i 100 uair de thìde de dh'obair anns a' choimhearsnachd a dhèanamh.

Thuirt am fear-lagha aice, Niall MacUilleim, gum faodadh i a bhith air diùltadh leigeil dha na poilis a dhol dhan taigh aice, ach nach do rinn i sin seach gun robh nighean bheag a dhìth.

Bha e ag ràdh gun robh i a' fàs chanaib dhi fhèin, ach gu bheil i air an droga a leigeil seachad a-nis.

Chaidh an nighean a bha a dhìth a lorg aig dachaigh caraid.