Evans a' craoladh à Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh

Chris Evans a' craoladh à Inbhir Nis.
Bha an neach-aithris aig Radio 2 Chris Evans a' craoladh a' phrògraim maidne aige à Inbhir Nis an-diugh (Dihaoine).
Tha Evans air dràibheadh eadar Land's End agus Taigh Iain Ghròt airson cathrannais, còmhla ris an t-seinneadair Gary Barlow, an t-Oll. Brian Cox agus an craoladair James May.
Ràinig iad Taigh Iain Ghròt mu 05:00m Dihaoine.
Bha iad a' togail airgid airson cùraim aillse broillich.