Fear à Eilginn a dhìth
- Air fhoillseachadh
Tha na poilis a' feuchainn ri duine 65 bliadhna de dh'aois à Eilginn ann am Moireibh, a tha a dhìth, a lorg.
Chaidh fios a chur gun deach Stuart Sunter a dhìth bho sgìre Bishopmill Dimàirt.
Tha e sia troighean de dh'àirde, caol, le dreach odhair is falt ruadh a tha a' fàs tana aig an dosan.
Tha na poilis airson bruidhinn ri duine sam bith a chunnaic Mgr Sunter a' fàgail na bhana aige ann an Hopeman Diciadain.
'S e bhana gheal Renault a th' aige.