Fianaisean gan sireadh an Inbhir Nis

Tha na poilis an Inbhir Nis ag iarraidh air luchd-fianais a thighinn air adhart às dèidh mar a dh'fhulaing fireannach ionnsaigh air Sràid a' Bharain Tàilleir ann am meadhan a' bhaile mu 03:30m Dihaoine.

Tha an duine, a th' anns na 20an, ann an Ospadal an Rathaig Mhòir.

Chan eil dùil gu bheil e ann an cunnart bàsachadh ge-tà.

Thuirt na poilis gu bheil fiosrachadh aca a tha iad a' sgrùdadh.