Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 An Giblean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Boston

Tha luchd-casaid feadaralach ag ullachadh chasaidean an aghaidh an duine a tha fo amharas gun robh e air chùlaibh bhomaichean Marathon Bhoston. Tha Dzhokhar Tsarnaev san ospadal an dèidh dha peilear fhaighinn na amhaich. Chaidh aithris gun do thòisich e a' freagairt cheistean. Bhàsaich a bhràthair Tamerlan Tsarnaev a tha cuideachd fo amharas gun robh e an sàs anns na h-ionnsaighean an t-seachdain a chaidh.

Gearraidhean Pàighidh Chal Mac

Dh'fhaodadh gun caill mu 70 duine de luchd-obrach Chal Mac suas ri cairteal den phàigheadh aca. Tha atharrachaidhean a tha a' chompanaidh airson a chur an sàs a' toirt buaidh air na suimean airgid a tha luchd-obrach air tìr a' faighinn airson a bhith ag obair uairean obrach a bharrachd air an oidhche agus aig deireadh na seachdain. Tòisichidh còmhraidhean eadar ceannardan Chal Mac agus aonadh an luchd-obrach an TSSA, a-màireach.

Airgead na h-Alba

Thuirt an Seansalair, Seòras Osborne, gu bheil an SNP gan ceangal fhèin ann an snaidhmean mu phlanaichean an Not a chumail ma ghabhas Alba ri neo-eisimeileachd. Tha e ag ràdh nach eil am moladh aca airson aonadh airgid a' dèanamh ciall. Thuirt na Nàiseantaich gu bheil ciall anns na planaichean.

Afganastan

Thug an Taliban deichnear am bruid air taobh sear Afganastan an dèidh dhan heileacoptair shìobhalta anns an robh iad a' siubhail laighe ann an àite ris nach robh dùil air sgàth droch shìde. Dhearbh neach-labhairt dhan Riaghaltas gu bheil còmhraidhean a' dol airson an deichnear a shaoradh.

Sìona

Chleachd buidhnean teasairginn ann an Sìona stuth spreadhaidh airson rathaidean fhosgladh gu bailtean iomallach a chaidh a ghearradh dheth ann an crith-thalmhainn far an deach 200 duine a mharbhadh. Tha na mìltean air an goirteachadh, no air am fàgail gun dachaigh.

An Òlaind

Dh'òrdaich poilis ann am baile Leiden anns an Òlaind gun deadh àrd-sgoiltean a dhùnadh an dèidh teachdaireachd air-loidhne a' bagairt gum biodh ionnsaigh mhòr ghunna ann. Thuirt oifigearan nach robh càil de dh'fhios aca cò a dh'fhàg an teachdaireachd air làrach-lìn.

Seirbheis Adhair

Dh'iarr comhairliche Leòdhasach air Loganair luchd-siubhail a leigeil air an t-seirbheis bhathair aca eadar Obar Dheathain agus Steòrnabhagh a bhiodh a' ciallachadh gum faigheadh na pàipearan-naidheachd dhan eilean nas tràithe. Thuirt Loganair gum feumadh iad a' phrìs airson a bhith a' giùlain nam pàipearan a chur suas. Tha sin a' fàgail gu bheil na pàipearan a-nis a' tighinn air a' bhàt-aiseig. Thuirt an Comh. Dòmhnall Crichton gum biodh seirbheis eadar an dà bhaile math do luchd-obrach na h-ola.