Gearradh pàighidh air fàire aig CalMac

Dh'fhaodadh mu 70 duine a tha ag obair aig Caledonian Mac a' Bhruthainn pàigheadh a chall - suas ri cairteal dhe na tuarasdalan aca a-rèir aithris.

Tha plana ann gus am pàigheadh a tha iad a' faighinn airson a bhith ag obrachadh uairean neo-àbhaisteach agus na duaisean saor-làithean aca atharrachadh.

Tha a' mhòr chuid den luchd-obrach air an toireadh seo buaidh aig oifisean na companaidh no aig na puirt.

Coinnichidh CalMac ri aonadh an luchd-obrach Dimàirt airson bruidhinn mu na planaichean.

Dh'iarr Riaghaltas na h-Alba air CalMac agus an t-aonadh feuchainn ri rèite a ruighinn.

Sgrìobh am BPA Làbarach, Rhoda Ghrannd gu Leas Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, is i ag ràdh gun toireadh ìsleachadh ann an tuarasdalan buaidh mhòr air an luchd-obrach.

Thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, gun robh e air sgrìobhadh gu CalMac agus gun robh e an dòchas gun tig aonta.

Tha CalMac air cantainn gu feum iad uairean obrach atharrachadh.