Còmhraidhean mu ghearraidhean Chal Mac

Tha riochdairean an aonaidh TSSA aig Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' coinneachadh ri manaidsearan Dimàirt agus iad ag amas air stad a chur air gearradh ann am pàigheadh cuid den luchd-obrach.

Thuirt an aonadh gun deadh iad air stailc, mur a tèid aca air an suidheachadh a rèiteachadh.

Dh'innis Cal Mac dhan luchd-obrach aca gum faodadh cuid dhiubh cairteal den tuarastal aca a chall.

Tha atharrachaidhean a tha a' chompanaidh airson a chur an sàs a' toirt buaidh air na suimean airgid a tha luchd-obrach air tìr a' faighinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile