Bàs aig Uisge Èireann

Chaochail duine às dèidh dha tuiteam a dh'Uisge Èireann ann am Moireibh.

Thuit am fireannach a bha 39 bliadhna de dh'aois aig àite ris an canar Randolph's Leap, a tha faisg air Farrais, mu 4:30f Diluain.

Bha maoir-chladaich, heileacoptair RAF, na poilis agus luchd-smàlaidh an sàs anns an iomairt chobhair.

Chaidh an duine a thoirt gu Ospadal an Ràthaig Mhòir, ach bhàsaich e an sin.

Tha dùil gun robh e a' coiseachd còmhla ri boireannach nuair a thuit e.

Thuirt na poilis gu bheil iad a' sgrùdadh, ach nach eil iad amharasach mun chùis.