Ceist mu fheum Tursachan Chalanais

Tursachan Chalanais
Image caption 'S ann air an duine a tha ag iarraidh taigh a thogail a tha cosgais an rannsachaidh arc-eòlaich a' tighinn.

Chaidh rabhadh a thoirt gum faodadh Tursachan Chalanais ann an Leòdhas a bhith nam bacadh seach nam buanachd do mhuinntir na sgìre.

Tha dragh air cuid gu bheil e a' fàs fìor dhoirbh cead fhaighinn airson làrach-taighe no leasachadh faisg air an làraich eachdraidheil.

Tha mac Chaluim MhicAoidh a' togail taighe ann an Calanais, agus thàinig air fhèin rannsachadh arc-eòlach a dhèanamh mus d'fhuair e cead, leis a' chosgais air fhèin airson sin a dhèanamh.

"Mhothaich iad gun robh àite air a thogail suas air pàirt den talamh," thuirt Mgr MacAoidh.

Cothromachadh

"Agus bha iad ag iarraidh coimhead ri dè bh' ann a thaobh an arc-eòlais, agus bha a' chosgais sin air a chur air an fheadhainn a bha a' togail an taighe.

"Cha b'urrainn dhaibh a dhol air adhart gus an robh iad air coimhead ris, feuch an robh e feumail a thaobh arc-eòlais.

"Mus faigh thu air càil a dhèanamh, tha agad ri seo a dhèanamh, no tha thu air riaghailtean a' phròiseas dhealbhachaidh a bhriseadh.

"'S ma tha thu ag aontachadh ri a dhèanamh, tha thu air seic bàn a thoirt seachad.

"Tha e gu math cosgail, suas ri £1,000 san là uaireannan.

"Agus nam biodh iad air rud a lorg ann, dè bha a' dol a thachairt an uair sin?

"Tha mìltean de notaichean air an cur a-steach airson dealbhachaidh is a h-uile càil eile mus ruig thu an ìre a tha seo.

"Shaoilinnsa gum bu chòir dha a bhith an urra ri buidhnean a tha ag iarraidh na rudan sin iad fhèin a bhith a' cur seo air chois an toiseach, agus dha-rìribh gum bu chòir dhaibh a bhith a' pàigheadh air a shon co-dhiù.

"Tha mi a' smaoineachadh gum feum cothromachadh a bhith agad anns a h-uile càil a th' ann.

"Tha e femuil na Tursachan a bhith ann, agus an luchd-turais a tha iad a' tarraing.

"Ach tha sinn a' coimhead cuideachd ri òigridh anns a' choimhearsnachd. 'S e sin, tha mi a' smaoineachadh, as motha.

"'S e daoine òga a bhith sa choimhearsnachd. Obair a bhith ann dhaibh, agus daoine òga a bhith ann. 'S e sin a bu chòir a bhith a' tighinn an toiseach.

"Ma tha an arc-eòlas a' dol a chumail sin air ais, cha chanainn gu bheil sin ceart idir," thuirt e.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad a' dèanamh measadh air gach iarrtas dealbhachaidh fa leth agus gun dèan iad cothromachadh air luach an leasachaidh dhan sgìre agus luach an stuth arc-eòlaich.

Thuirt iad gu bheil e an urra ris an duine a tha a' togail an taighe cosgais an rannsachaidh arc-eòlaich a phàigheadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile