Gearradh leapannan aig Ospadal nan Eilean

Tha dragh air nochdadh gum faodadh còrr is aon trian de leapannan aig Ospadal nan Eilean a bhith air an gearradh às dèidh coinneimh dhen Bhòrd Shlàinte Diciadain.

Tha e air tighinn am follais gu bheil am Bòrd am beachd an àireamh de leapannan san ospadal a ghearradh mar phàirt de phlanaichean a th' aca sùil a thoirt air na seirbheisean a tha iad a' toirt seachad.

Thuirt Àrd-Oifigear a' Bhùird, Gòrdan Jamieson, nach urrainn innse aig an ìre seo cia mheud leabaidh a thèid a ghearradh.

Nuair a chaidh an t-ospadal fhosgladh bho chionn còrr is 20 bliadhna, bha còrr is 200 leabaidh ann.

Chan eil ann an-dràsta ach 89.

Ma thèid na gearraidhean air adhart, cha bhiodh ann ach 53 leabaidh san ospadal.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile