Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 An Giblean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Eaconamaidh Bhreatainn

Tha àireamhan oifigeil ag ràdh gun do dh'fhàs eaconamaidh Bhreatainn beagan air a' chiad thrì mìosan den bhliadhna. Bha cuid de dh'eòlaichean den bheachd gum biodh crìonadh eile ann, an treas tilleadh gu crìonadh, ach 's e tomhas Oifis na Staitistig Nàiseanta gun tàinig fàs 0.3% air toradh GDP na dùthcha.

Pàipearan-naidheachd

Tha àimhreit eadar Rùnaire a' Chultair an Alba, Fiona Hyslop, agus am britheamh air an do dh'iarr i ath-sgrùdadh a dhèanamh air riaghladh nam pàipearan-naidheachd. Chuir am Morair McCluskey litir gu ruige Ms Hyslop, a' dol às àicheadh gun deach am panal aigesan na b'fhaide na bu chòir dhaibh nuair a mhol iad laghan ùra stàite airson smachd a chur air obair nam pàipearan-naidheachd.

Ospadal nan Eilean

Tha dragh am measg luchd-obrach Sheirbheis na Slàinte gum faodadh còrr is an treas cuid de na leapannan dùnadh aig Ospadal nan Eilean ann an Steòrnbhagh. Dhearbh Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gu bheil iad a' sgrùdadh ghoireasan agus sheirbheisean aig an ospadal, ach thuirt iad nach eil dad de dh'fhios aig an ìre seo dè a' bhuaidh a bheir sin air àireamh nan leapannan.

A' Ghrùthrach

Thèid banachdach na grùthraich a thabhainn air cloinn nas sine an Alba agus dragh ann mun ghalar a' sgapadh sa Chuimrigh agus ann an Sasainn. Tha mòran chloinne ann nas sine na 10 bliadhna de dh'aois nach d'fhuair banachdach leis an amharas agus dragh a bh' ann mu cheangal eadar MMR agus Autism. Agus ged a ghabh àireamh nas àirde banachdach MMR ann an Alba na bha sa chòrr den rìoghachd, tha an t-àrd-oifigeach meidigeach an Alba ag iarraidh air pàrantan a thoirt a-niste do chloinn nach d'fhuair e.

Bangladais

Tha coltas ann a-niste gun deach còrr is 160 duine a mharbhadh nuair a thuit togalach àrd ann am Bangladais. Tha oidhirp ann a-niste air feadhainn a tha beò fon sprùilleach a shàbhaladh.

Eaglais na h-Alba

Thèid moladh gu Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba ann an Dùn Èideann air an ath-mhìos gum bu chòir rìghrean agus bàn-rìghrean na Rìoghachd Aonaichte crùnadh air leth a bhith aca ann an Alba neo-eisimeilich. Thuirt an Eaglais gu bheil iad a' beachdachadh air sin iarraidh gu foirmeil.

Icetech

Thèid taic agus comhairle a thoirt do chòrr is 70 duine a chaill an cosnadh aig Icetech Freezers ann an Gallaibh a th' ann an làmhan luchd-trusaidh nam fiach. Tha iad ag ràdh nach eil cus dòchais ann gun gabh a' chompanaidh a reic. Bidh Comhairle na Gàidhealtachd agus buidhnean eile a' cumail choinneamhan an ath-sheachdain a dh'innse do luchd-obrach Icetech dè na cothroman a th' ann air trèanadh no cosnaidhean ùra.