Taic do luchd-obrach Icetech

Thèid comhairle a thabhann air luchd-obrach Icetech Freezers ann an Gallaibh, an dèidh mar a chaidh a' chompanaidh ann an làmhan luchd-trusaidh nam fiach.

Gheibh iad an taic bho Chomhairle na Gàidhealtachd agus buidhnean eile an t-seachdain seo tighinn.

Tha mu 70 duine ag obair aig a' chompanaidh.

Luchd-trusaidh

Thuirt am fear-trusaidh, Dàibhidh Mac an t-Sealgair bho Champbell Dallas, gur e an obair aige cuideigin a lorg a cheannaicheas a' chompanaidh, ach nach urrainn dha gealltanas a thoirt seachad gun tachair sin.

Tha Icetech Freezers, à Baile a' Chaisteil, ag ràdh gur iad a' chompanaidh mu dheireadh am Breatainn a tha a' dèanamh reòthadairean dachaigh.

Norfrost

B' e Norfrost a bh' air a' chompanaidh mus deach a ceannach a-mach à rianachd ann an 2005.

Thug Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean £1.5m do Norfrost mus deach i fodha.

Bhiodh Icetech Freezers a' dèanamh 160,000 inneal sa bhliadhna am Baile a' Chaisteil, a rèir na companaidh.

Thog agus reic iad mu 10,000,000 inneal bho chaidh an stèidheachadh bho chionn 40 bliadhna.