Slàinte mhath?

Thuirt a' chompanaidh Fhrangach Pernod Ricard gu bheil na h-àireamhan reice uisge-bheatha aca air fàs "nas slaodaiche".

Thuirt an dàrna companaidh as motha a tha an sàs ann an gnìomhachas an uisge-bheatha nach eil iad air a bhith a' dèanamh cho math ann an Àisia, agus gu bheil dùbhlain aca anns an Spàinn.

Tha an suidheachadh aca lag an Coirea a Deas agus ann an Thailand agus chan eil cùisean cho math 's a bha iad ann an Sìona.

Ach, tha iad a' dèanamh gu math le Glenlivet, is iad air 21% a bharrachd dheth a reic.