500 cosnadh ùr airson Inbhir Nis

Thuirt a' chompanaidh ionadan fiosrachaidh Capgemini gun cruthaich iad 500 cosnadh ùr an Inbhir Nis thairis air an ath thrì bliadhna.

Tha mu 500 duine ag obair aig a' chompanaidh Fhraingich air Ghàidhealtachd mar thà, le còrr air 120,000 neach-obrach aca air feadh an t-Saoghail.

Thuirt am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, gur e naidheachd mhòr a th' ann.

Tha Capgemini a' gluasad gu oifisean ùra an Inbhir Nis.

Fhuair Capgemini taic de £4.25m bho Leasachadh Albannach Eadar-nàiseanta - co-bhanntachd anns a bheil Iomairt na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus Riaghaltas na h-Alba an sàs.

A thuilleadh air sin, tha iad a' faighinn granta trèanaidh de £1m bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean.