Ìmpidh as ùr mu RET do luchd-bathair

Bàt-aiseig
Image caption Chaidh RET a thoirt air falbh bho charbadan coimearsalta.

Tha ìmpidh ga cur air Riaghaltas na h-Alba faraidhean RET a thoirt air ais do luchd-bathair nan Eilean Siar às dèidh mar a sheall sgrùdadh neo-eisimileach gun robh an sgeama ag obrachadh mar a bu chòir.

Sheall an rannsachadh cuideachd gun deach cron a dheànamh air eaconamaidh nan eilean le bhith a' toirt nam faraidhean saora air falbh bho luchd-bathair.

Chaidh RET a thoirt air falbh bhuapa agus an Riaghaltas a' cumail a-mach nach robh iadsan a' lùghdachadh nam prìsean acasan a rèir nam faraidhean aiseig nas saoire.

"'S e an aithisg seo an dearbhadh a bha sinne a' sireadh gun robh an sgeama ag obrachadh mar a bha e," thuirt Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach.

Cothromach

"Tha i a' dearbhadh dha-rìribh gun robh luchd-bathair a' toirt seachad an taic-airgid a bha iadsan a' faighinn bhon Riaghaltas agus gum bu chòir a chur air ais cho luath 's a ghabhas.

"Tha e duilich tomhais cheart a dhèanamh air dè a' bhuaidh dha-rìribh a bh' aige seo air an eaconamaidh, bhon chan eil teagamh ann nach eil an eaconamaidh air a bhith lag co-dhiù o chionn dhà no thrì bliadhnaichean, mar a h-uile pàirt eile den Rìoghachd.

"Chan eil teagamh ann nach eil an sgeama seo cosgail. 'S e sin an t-adhbhar a chaidh a chur ann sa chiad dol-a-mach, gun robh e cho cosgail a bhith a' toirt bathair tarsainn a' chuain dha na h-Eileanan.

"Bha a h-uile duine ag ràdh gun robh buannachd ann aig an àm, 's bha a h-uile duine a' cur fàilte air sin, agus chaidh an uair sin an taic a bha sin a thoirt air falbh.

"Ach tha sinn a-nise a' faicinn ann an aithisg neo-eisimeileach a chuir an Riaghaltas fhèin air chois, gu bheil a h-uile càil a bhathas ag ràdh sna h-Eileanan air a bhith fìor agus tha còir aca sin a chur ceart," thuirt e.

Thuirt BPA nan Eilean Siar, an Nàiseantach Alasdair Allan, ag ràdh gu bheil e a' tuigsinn mar nach robh companaidhean toilichte.

Thuirt e gum biodh e a' riochdachadh bheachdan Comhairle nan Eilean Siar ris an Riaghaltas.

"Bha RET ann airson faraidhean bathair, agus a-nis, às dèidh sin, a' fàgail an t-siostaim sin, tha na faraidhean nas saoire na bha iad ann an 2007 nuair a thàinig RET a-steach," thuirt Mgr Allan.

"Ach tha mi a' tuigsinn carson a tha daoine airson fianais a thoirt seachad dhan aithisg seo agus a ràdh nach eil iad toilichte gun robh cùisean ag atharrachadh anns an dòigh sin, agus bidh mi a' riochdachadh nam beachdan sin dhan Riaghaltas.

"Ach feumaidh sinn a-nis siostam a chur ri chèile airson a h-uile duine, a tha cothromach, le lasachadh prìse a tha ag obair do a h-uile duine," thuirt e.