Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An Giblean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

A rèir aithrisean anns na meadhanan ann an Siria, chaidh feuchainn ri Prìomhaire na dùthcha a mharbhadh ann an ionnsaigh bhoma. Fhuair e às le a bheatha, ach tha aithrisean air nochdadh, ged nach deach a dhearbhadh, gun do bhàsaich an t-oifigear tèarainnteachd aige. Thuirt iad nach deach Wael al-Halki a ghoirteachadh san ionnsaigh, a thachair ann am prìomh bhaile na dùthcha, Damascus.

Tombaca

Chaidh laghan ùra a thaobh a bhith a' reic thoitean anns na bùithdean mòra a chur an gnìomh ann an Alba an-diugh. 'S e an dòchas a th' aig Riaghaltas na h-Alba, nach bi duine a' smocadh san dùthaich anns a' bhliadhna 2034. Thuirt Caidreachas nam Bùithdean Albannach ge-tà, gun adhbharaich seo mì-chinnt a thaobh nam prìsean agus gun adhbhraich e maill aig a' chunntar.

Sochairean Sòisealta

Tòisichidh siostam ùr nan sochairean sòisealta do mu 7,000 duine bho an-diugh a-mach. Tha an sgeama, far am faigh feadhainn a th' air sochairean aon chnap-airgid seach grunn dhiofar shochairean-airgid, ga thòiseachadh sa chaid dol-a-mach ann an sgìre Mhanchester, mus tèid a chur an gnìomh air feadh na dùthcha bhon Dàmhair am bliadhna.

Sgeama nan Tarbh

Thèid goireasan ùra Sgeama nan Tarbh fhosgladh gu h-oifigeil nas fhaide den là, an dèidh obair-leasachaidh a chosg £3m. Bidh Ministear na h-Àrainneachd, Pòl Wheelhouse, aig Tuathanas Chnoc nan Giall, ann an Inbhir Nis, far a bheil an sgeama stèidhichte. Bha draghan ann bho chionn beagan bhliadhnaichean gun deadh cur às dhan sgeama uile gu lèir.

Dubai

Chaidh triùir fhireanneach Breatannach fhaighinn ciontach air casaidean co-cheangailte ri drogaichean ann an Dubai. Chaidh an cur dhan phrìosan airson ceithir bliadhna. Tha na fireannaich - Grant Camshron, Karl Williams agus Suneet Jeerh - a' cumail a-mach gun tug na poilis ionnsaighean orra an dèidh dhaibh a bhith air an toirt an grèim.

Drochaid Ùr

Agus chaidh a' gheàrr-liosta airson ainm airson drochaid ùir a thèid tarsainn air Linne Fhoirthe fhoillseachadh. An dèidh mar a chaidh sùil a thoirt air còrr is 7,000 beachd eadar-dhealaichte, 's ann eadar Drochaid Chailleann, Drochaid Linne Fhoirthe, Drochaid Aiseig na Ban-rìghinn, Drochaid Chrann na h-Albann, agus Drochaid an Naoimh Mhairead tha an fharpais. Thèid taghadh a dhèanamh tro bhòt phoblaich.