Dàibhearan a' sireadh bàt'-iasgaich ann an Linne Latharna

Tha dàibhearan bhon Chabhlach Rìoghail air a dhol gu Linne Latharna ann an Earra-Ghàidheal, an oidhirp lorg fhaighinn air bàt'-iasgaich a th' air a bhith a dhìth bho Dhiardaoin seo chaidh.

Chuir am bàta brath-èiginn chun nam maor-cladaich, ag ràdh gun robh i a' dol fodha faisg air Eilean Èisdeil.

Bha aon duine air bòrd.

Fhuair innealachd sònar lorg air rudeigin air a' ghrunnd Dihaoine, ach chan eil fhios aig an ìre seo dè bh' ann.