Corp ga lorg an Loch Mòrar

Loch Mòrar Image copyright John Haynes
Image caption Thàinig air fear eile an oidhche a chur seachad air eilean beag san loch.

Tha na poilis a' rannsachadh mar a chaochail fear a bha ann an caidheag air Loch Mòrar.

Fhuaireadh corp an duine feasgar Diluain.

Bha an duine agus caraid dha ag iomradh air an loch oidhche Dhòmhnaich nuair a thuit iad don uisge.

Chaidh aig fear dhiubh air snàmh gu eilean beag san loch.

B'fheudar dha an oidhche a chur seachad air an eilean mus tug buidheann de luchd-coiseachd an aire dhan t-suidheachadh aige.

Chuir iad fios air na seirbheisean èiginn is thug heileacoptair nam maor-cladaich an duine dhan ospadal sa Ghearasdan, far a bheil e a' tighinn air adhart.

Às dèidh sgrùdaidh san loch, chaidh lorg fhaighinn air corp an duine eile.

Tha na poilis a' rannsachadh dè dìreach a thachair, is cha deach an duine a chaochail ainmeachadh fhathast.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile